Skye Boat Song (Gaelic) Poem by Magnus Montgomery Blackthorn

Skye Boat Song (Gaelic)

Seinnibh leam dàn

Gu nìghneag mo chrìdh

Nìghneag mo rùn ‘s mo ghràidh

Faicibh am bàt

‘S e togail bho thìr

Giùlain mo rìgh bho thràigh



Gailleann is fuachd

Bàirlinn is stuadh

‘G èirigh gu cruaidh bhon fhairge

Crònan nan tonn

Òran nan sonn

Bualadh le fonn gu garg oirr'



Prionnsa nam buadh

Frasaibh mu ghruaidh

Ainnir mo luaidh a' falbh leis

Rìgh nam fear còir

Dh'fhàg sinn gun treòir

Lèir-chreach is glòir na h-Albann



Na fiùran bha treun

Bu chliùiteach am beus

Siol nam muc bhreun a mharbh iad

Ach chì sinn an là

Gun cluinn sinn mar bhà

Geumnaich an àil gu caithreamach

READ THIS POEM IN OTHER LANGUAGES
Close
Error Success